Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Timòteus 2:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fòghlamadh a’ bhean ann an ciùineas leis an uile ùmhlachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort.

Agus nuair a chluinnear àithne an rìgh a bheir e seachad air feadh a rìoghachd uile (oir tha i mòr), bheir na mnathan uile urram dam fir, eadar mhòr agus bheag.

Ach bu mhiann leam fios a bhith agaibh gur e Crìosd ceann gach fir, agus gur e am fear ceann na mnà, agus gur e Dia ceann Chrìosd.

A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna.

Ach (mar as cubhaidh do mhnathan a tha ag aideachadh diadhachd), le deagh obraichean.

A bhith eagnaidh, geamnaidh, fantainn aig an taigh, a bhith math, umhail dam fir a‑chum nach faigh facal Dhè mì‑chliù.

Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas-umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh-beatha nam ban;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan