A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.
An sin dh’èirich Peadar, agus chaidh e maille riu. Agus nuair a bha e air teachd, threòraich iad suas e don t‑seòmar uachdarach: agus sheas na bantraichean uile làimh ris a’ caoineadh, agus a’ nochdadh nan còta agus nan trusgan a rinn Dorcas am feadh a bha i maille riu.
Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.
Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor;
A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.
Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh-chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.
Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.
Uime sin do bhrìgh gum bi na nithean seo uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a’ ghnè dhaoine a bu chòir a bhith annaibh, ann an caitheamh-beatha naomh, agus diadhachd,
Is aithne dhomh d’obraichean, agus do ghràdh, agus do sheirbhis, agus do chreideamh, agus d’fhoighidinn, agus d’obraichean deireannach, gu bheil iad nas mò na do chiad obraichean.