Agus iarraibh sìth na dùthcha gus an do chuir mise air falbh sibh ann am braighdeanas; agus guidhibh air a son ris an Tighearna: oir na sìth-se bidh sìth agaibhse.
Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.
Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis.
Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna.
A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.
Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:
A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.
Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.