Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha.
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn:
Uime sin a bheil an lagh an aghaidh geallaidhean Dhè? Nar leigeadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha a thoirt uaithe, gu deimhinn is ann on lagh a bhiodh fìreantachd.