Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Saul ra òganach, Ach, feuch, ma thèid sinn, ciod a bheir sinn a dh’ionnsaigh òglach Dhè? Oir chaitheadh an t‑aran nar soithichean, agus chan eil tìodhlac ann gu a thoirt a dh’ionnsaigh òglach Dhè: ciod matà a nì sinn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh ris an duine le Dia, Thig maille riumsa dom thaigh, agus neartaich thu fhèin: agus bheir mi tìodhlac dhut.

Agus thoir leat ad làimh deich buileannan, agus breacagan, agus soitheach meala, agus falbh da ionnsaigh: innsidh esan dhut ciod a dh’èireas don leanabh.

Agus thàinig duine o Bhàal-salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad.

Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.

Agus thubhairt rìgh Shiria, Imich romhad, agus cuiridh mise litir a dh’ionnsaigh rìgh Israeil. Agus dh’imich e, agus thug e leis deich tàlannan airgid, agus sia mìle bonn òir, agus deich culaidhean aodaich.

Agus thubhairt an rìgh ri Hasael, Gabh ann ad làimh tìodhlac, agus falbh an coinneamh an duine le Dia, agus fiosraich den Tighearna leis ag ràdh, An tig mi on tinneas seo?

Agus dh’fhalbh Hasael na choinneamh, agus ghabh e tìodhlac na làimh, eadhon de gach nì math a bha ann an Damascas, èire dà‑fhichead càmhal: agus thàinig e, agus sheas e na làthair, agus thubhairt e, Chuir do mhac Ben-hadad, rìgh Shiria, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, An tig mi on tinneas seo?

Agus an truaill sibh mise am measg mo shluaigh airson glacaidean eòrna, agus airson mìrean arain, a mharbhadh nan anaman nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beò nan anaman nach bu chòir a bhith beò, le ur breugan dom shluagh-sa a tha ag èisdeachd ur breug?

Na falbh à seo, guidheam ort, gus an tig mi ad ionnsaigh, agus gun toir mi a‑mach mo thìodhlac, agus gun cuir mi ad làthair e. Agus thubhairt e, fanaidh mi gus an tig thu a‑rìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan