Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Iàcob do Shàlem, baile Shecheim a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan-àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile.

Agus thàinig duine o Bhàal-salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad.

Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad:

Agus Saalabin, agus Aialon, agus Ietlah,

Agus fhuair Eleàsar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh a bu le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim.

Agus bha duine de shliabh Ephraim, dom b’ainm Micah.

Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.

Agus chailleadh asail Chis, athair Shauil; agus thubhairt Cis ra mhac, Saul, Thoir leat a‑nis aon de na h‑òganaich, agus èirich, falbh, iarr na h‑asail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan