Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig iad a‑nuas on ionad àrd don bhaile, labhair Samuel ri Saul air mullach an taighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.

Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus thug iad leo iad, agus rinn iad dhaibh fhèin pàilleanan, gach fear air mullach a thaighe, agus nan cùirtean, agus ann an cùirtean taigh Dhè, agus ann an sràid geata an uisge, agus ann an sràid geata Ephraim.

Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean-dibhe a‑mach do dhiathan coimheach.

An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean.

An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:

Agus nuair nach d’fhuair iad seòl air am faodadh iad a thoirt a‑steach, le meud na cuideachd, chaidh iad suas air an taigh, agus leig iad sìos tro mhullach an taighe e fhèin agus a leabaidh, anns a’ mheadhon an làthair Iosa.

Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire.

Nuair a thogas tu taigh nodha, an sin togaidh tu bàrr-bhalla da mhullach, a‑chum nach toir thu fuil air do thaigh, ma thuiteas duine sam bith o sin.

Agus dh’èirich iad gu moch: agus mu bhriseadh na fàire, ghairm Samuel air Saul gu mullach an taighe, ag ràdh, Eirich, a‑chum gun leig mi air falbh thu. Agus dh’èirich Saul, agus chaidh iad a‑mach le chèile, e fhèin agus Samuel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan