Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog an còcaire an slinnean, agus an nì a bha air, agus chuir e fa chomhair Shauil e, agus thubhairt Samuel, Feuch, cuir an nì sin a dh’fhàgadh air do bheulaibh, agus ith: oir a dh’ionnsaigh an àma seo ghleidheadh dhut e, o thubhairt mi, Thug mi cuireadh don t‑sluagh. Agus dh’ith Saul maille ri Samuel air an là sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e.

Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais-luaisgte agus slinnean an tabhartais-thogte, a chaidh a luasgadh, agus a thogail suas de reithe a’ choisrigidh, eadhon den nì sin as le Aaron, agus den nì sin a bhuineas da mhic.

Cruinnich a mhìrean ann, gach aon mhìr math, an t‑sliasaid agus an slinnean; lìon e le taghadh nan cnàmh.

Agus bidh am feòil leatsa, mar a bhios an t‑uchd luaisgte agus an slinnean deas leat.

Agus thubhairt Samuel ris a’ chòcaire, Thoir dhomh a’ chuibhreann a thug mi dhut mun dubhairt mi riut, Cuir làimh riut i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan