Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin tha Beniàmin beag na uachdaran orra, ceannardan Iùdah an luchd-comhairle, ceannardan Shebuluin, ceannardan Naphtali.

Dh’àithn do Dhia dhut do neart; neartaich, a Dhè, an nì seo a rinn thu air ar son.

Nuair a labhair Ephraim le crith, dh’àrdaich e e fhèin ann an Israel; ach nuair a chiontaich e ann am Bàal, bhàsaich e.

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;

Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.

Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil.

Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Cò mise, agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’athar ann an Israel, gum bithinn am chliamhainn aig an rìgh?

Agus labhair seirbhisich Shauil na briathran seo ann an cluasan Dhaibhidh: agus thubhairt Daibhidh, An nì faoin nur sùilean-se a bhith ann an cleamhnas ri rìgh, agus nach eil annamsa ach duine bochd, agus fo dhìmeas?

Agus ghabh Samuel Saul agus a òganach, agus thug e a‑steach iad don t‑seòmar-chuirm, agus thug e àite-suidhe dhaibh aig ceann-toisich nan daoine a chaidh a chuireadh, agus iad mu thimcheall deich-fir-fhichead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan