Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑thaobh nan asal agad a chailleadh o chionn trì làithean, na suidhich d’inntinn orra, oir fhuaireadh iad: agus cò air a bheil uile dhèigh Israeil? Nach ann ortsa, agus air uile thaigh d’athar?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.

Agus thubhairt Saul ri bràthair a athar, Dh’innis e dhuinn gu cinnteach gun d’fhuaireadh na h‑asail; ach a‑thaobh na rìoghachd, cha d’innis e dha ciod a thubhairt Samuel.

A‑nis uime sin, feuch an rìgh a thagh sibh, agus a dh’iarr sibh: agus feuch, chuir an Tighearna rìgh os ur cionn.

Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh-se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.

Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.

Gidheadh, dhiùlt an sluagh èisdeachd ri guth Shamueil, agus thubhairt iad, Chan eadh; ach bidh rìgh againne os ar cionn:

Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile.

Agus fhreagair Samuel Saul, agus thubhairt e, Is mise am fear-seallaidh: gabh suas romham don ionad àrd, agus ithidh sibh maille riumsa an‑diugh; agus leigidh mi leat falbh anns a’ mhadainn, agus gach nì a tha ann ad chridhe innsidh mi dhut.

Agus chailleadh asail Chis, athair Shauil; agus thubhairt Cis ra mhac, Saul, Thoir leat a‑nis aon de na h‑òganaich, agus èirich, falbh, iarr na h‑asail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan