Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Samuel Saul, thubhairt an Tighearna ris, Feuch an duine mun do labhair mi riut: rìoghaichidh esan os cionn mo shluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thòisich geatachan Ierusaleim air a bhith dorcha ron t‑sàbaid, dh’àithn mi, agus dhruideadh na còmhlachan; agus dh’àithn mi nach biodh iad air am fosgladh gus an dèidh na sàbaid: agus cuid dem òglaich shuidhich mi aig na geatachan, a‑chum nach tigeadh eallach a‑steach air là na sàbaid.

Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic-san, agus nach gabhadh iad an nigheanan-san dam mic no dhaibh fhèin.

Agus thàinig Hanameel, mac bràthar-m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir-sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna.

Thug mise rìgh dhut ann am fheirg, agus thug mi air falbh e ann am chorraich.

Agus na dhèidh sin dh’iarr iad rìgh: agus thug Dia dhaibh Saul mac Chis, duine de threubh Bheniàmin, rè dà‑fhichead bliadhna.

Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad.

An sin thàinig Saul am fagas do Shamuel anns a’ gheata, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil taigh an fhir-sheallaidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan