Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear-seallaidh an seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge.

Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.

Agus thubhairt iad, Chan urrainn sinn, gus an cruinnichear na treudan uile an ceann a chèile, agus gus an caraichear a’ chlach bhàrr beul an tobair; an sin bheir sinn uisge do na caoraich.

Agus am feadh a bha e fhathast a’ labhairt riu, thàinig Rachel le caoraich a h‑athar; oir b’i a bha gan gleidheadh.

A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar.

Na dèan feall-fhalach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite-còmhnaidh an fhìrein; na creach a ionad-tàimh.

Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear-bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd-àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan.

An sin thubhairt Saul ra òganach, Is math a labhair thu; thig, imicheamaid: agus dh’imich iad don bhaile, far an robh òglach Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan