Agus thubhairt bràthair-athar Shauil ris, agus ra òganach, Càit an deachaidh sibh? Agus thubhairt esan, A dh’iarraidh nan asal: agus nuair a chunnaic sinn nach robh iad rim faotainn, thàinig sinn gu Samuel.
Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear-seallaidh an seo?
(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)