Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A‑nis bha Barsillai na dhuine ro‑shean, ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: agus thug esan lòn don rìgh nuair a dh’fhan e ann am Mahanaim; oir bu duine ro‑mhòr e.

Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin,

Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Agus na dhèidh sin dh’iarr iad rìgh: agus thug Dia dhaibh Saul mac Chis, duine de threubh Bheniàmin, rè dà‑fhichead bliadhna.

Agus ruith iad, agus thug iad à sin e: agus nuair a sheas e ann am meadhon an t‑sluaigh, bha e na b’àirde na an sluagh uile, o a ghuaillean agus o sin suas.

Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil.

Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan