Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 8:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.

Roghnaichidh mise fòs am faoin-smaointean-san, agus an cùis-eagail bheir mi orra; a chionn gun do ghlaodh mi, agus nach tug aon neach freagradh; labhair mi, agus cha d’èisd iad; ach rinn iad olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich iad.

An ceann seachd bliadhna, leigibh a chead, gach aon da bhràthair Eabhrach, a bha air a reic riut: nuair a bheir e seirbhis dhut sia bliadhna, leigidh tu dha falbh uat saor. Ach cha d’èisd ur n‑athraichean riumsa, cha mhò a dh’aom iad an cluas.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha mise gad chur gu cloinn Israeil, gu cinneach ceannairceach a rinn ar‑a‑mach am aghaidh; chiontaich iad fhèin agus an athraichean am aghaidh gus an là‑an‑diugh.

Ach chan èisd taigh Israeil riut, oir chan èisd iad riumsa; oir tha taigh Israeil uile mì‑nàireach agus cruaidh-chridheach.

Agus thàinig Dia a dh’ionnsaigh Bhalàaim anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Ma thig na daoine gud ghairm, èirich suas, agus imich maille riu: gidheadh am facal a their mise riut, sin nì thu.

An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e.

Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh.

Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.

Agus thubhairt Samuel ri Israel uile, Feuch, dh’èisd mi ri ur guth anns gach nì a thubhairt sibh rium, agus rinn mi rìgh os ur cionn.

Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd rin guth, agus dèan rìgh dhaibh. Agus thubhairt Samuel ri fir Israeil, Rachaibh, gach duine dhibh, da bhaile fhèin.

A rèir nan uile obraichean a rinn iad on là anns an tug mi a‑nìos iad as an Eiphit gu ruig an là‑an‑diugh, leis an do thrèig iad mi, agus an do rinn iad seirbhis do dhiathan eile, mar seo tha iad a’ dèanamh mar an ceudna riutsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan