Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 8:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach mhì-thaitinn an nì ri Samuel, nuair a thubhairt iad, Thoir dhuinn rìgh gu breith a thoirt oirnn: agus rinn Samuel ùrnaigh ris an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

An èirig mo ghràidh tha iad naimhdeil dhomh, agus mi ri ùrnaigh.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?

Gidheadh a‑nis, mas toil leat, maith dhaibh am peacadh; ach mura maith, dubh mise, guidheam ort, a‑mach as do leabhar a sgrìobh thu.

Bidh mise ann am rìgh dhut: càit a bheil aon neach eile a thèarnas thu ann ad chathraichean uile? Agus do bhritheamhan uile ris an dubhairt thu, Thoir dhomh rìgh agus prionnsachan?

Agus bha Maois ro‑dhiombach; agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad dan tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uapa, cha mhò a rinn mi cron air aon dhiubh.

Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Glac tùiseir, agus cuir teine ann bhàrr na h‑altarach, agus cuir tùis air, agus imich gu grad a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh, agus dèan rèite air an son; oir chaidh fearg a‑mach on Tighearna: thòisich a’ phlàigh.

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.

Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.

Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.

Nach eil foghar a’ chruithneachd ann an‑diugh? Gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e a‑nuas tàirneanach agus uisge, a‑chum gun tuig agus gum faic sibh gu bheil ur n‑olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le rìgh iarraidh dhuibh fhèin.

Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.

Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.

Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus nì mise ùrnaigh air ur son ris an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan