Theireadh Absalom cuideachd, O nach robh mise air mo shuidheachadh am bhritheamh anns an tìr, a‑chum am ionnsaigh-sa gun tigeadh gach duine aig a bheil còmhstri no cùis-lagha, agus dhèanainn ceartas dha!
Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.
Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna.
Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair.
Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc;
Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.
Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.
Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.
Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.
Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.