Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 8:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh sinne mar an ceudna mar na cinnich uile, agus bheir ar rìgh breith oirnn, agus thèid e a‑mach romhainn, agus cuiridh e ar cathan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach cho-mheasg iad iad fhèin am measg nan cinneach, agus dh’fhòghlaim iad an obraichean;

Oir ciod e leis an aithnichear ann an seo gun d’fhuair mise agus do shluagh deagh-ghean ad shùilean? Nach ann led dhol maille rinn? Mar seo dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a tha air aghaidh na talmhainn.

Oir o mhullach nan creag tha mi ga fhaicinn, agus o na slèibhtean tha mi ag amharc air: feuch, gabhaidh an sluagh còmhnaidh air leth, agus cha mheasar iad am measg nan cinneach.

Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

Oir is sluagh naomh don Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhith ad shluagh àraidh dha fhèin, os cionn gach sluaigh a tha air aghaidh na talmhainn.

Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.

Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.

Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan