Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 8:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gabhaidh e an deicheamh de ur caoraich: agus bidh sibh nur seirbhisich aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut.

Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe;

Agus sheas e, agus ghlaodh e ri slòigh Israeil, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ teachd a‑mach gu ur cath a chur an òrdagh? Nach Philisteach mise, agus nach seirbhisich sibhse do Shaul? Taghaibh dhuibh fhèin fear, agus thigeadh e a‑nuas am ionnsaigh-sa.

Agus gabhaidh e ur n‑òglaich-se agus ur banoglaich, agus na h‑òganaich as fheàrr agaibh, agus ur n‑asail, agus cuiridh e a‑chum a obrach fhèin iad.

Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan