Agus gabhaidh e ur n‑òglaich-se agus ur banoglaich, agus na h‑òganaich as fheàrr agaibh, agus ur n‑asail, agus cuiridh e a‑chum a obrach fhèin iad.
Feuch, uirigh Sholaimh! Trì-fichead treun-fhear ma timcheall de threun-fhir Israeil.
Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:
Agus gabhaidh e an deicheamh de ur sìol, agus de ur fìonliosan, agus bheir e da luchd-dreuchd e, agus da òglaich.
Gabhaidh e an deicheamh de ur caoraich: agus bidh sibh nur seirbhisich aige.