Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An do mharbh thu, agus mar an ceudna an do ghabh thu sealbh? Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Anns an àit anns an d’imlich na madraidh fuil Nàboit, imlichidh na madraidh d’fhuil-sa, eadhon d’fhuil-sa.
Agus labhair Ahab ri Nàbot, ag ràdh, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios, gu bhith agam na lios luibhean, a chionn gu bheil e fagas dom thaigh, agus bheir mise dhutsa air a shon fìonlios as fheàrr na e; no mas e as taitniche leat, bheir mi dhut a luach ann an airgead.
Agus thubhairt Iesebel a bhean ris, Tha thusa a‑nis a’ stiùradh rìoghachd Israeil! Eirich, ith aran, agus biodh do chridhe subhach: bheir mise dhut fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach.
A thuilleadh air seo cha ghabh an t‑uachdaran de oighreachd an t‑sluaigh le ainneart, a‑chum an tilgeadh a‑mach as an seilbh: ach bheir e da mhic oighreachd as a sheilbh fhèin: a‑chum nach bi mo shluagh-sa air an sgapadh gach aon o a sheilbh.
Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan;