Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 8:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Seo mar a bhios lagh an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn: Gabhaidh e ur mic, agus òrdaichidh e dha fhèin iad a‑chum a charbad, agus gu bhith nam marcaichean aige, agus gu ruith ro a charbadan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh seo dh’ullaich Absalom dha fhèin carbadan, agus eich, agus lethcheud fear gu ruith roimhe.

An sin dh’àrdaich Adoniah mac Hagit e fhèin, ag ràdh, Rìoghaichidh mise: agus dh’ullaich e dha fhèin carbadan, agus marc-shluagh, agus lethcheud fear a ruith roimhe.

Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mìle-dheug marcaiche, a chuir e ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin ris, ag ràdh, Mar seo their thu ris an t‑sluagh seo a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa dhuinn i; mar seo labhraidh tu riu, Tha am meur as lugha agamsa nas gairbhe na leasraidh m’athar.

Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut.

Agus rinn rìgh Rehobòam sgiathan umha nan àit, agus thug e thairis iad gu làimh ceannard an fhreiceadain a ghlèidh doras taigh an rìgh.

Agus bha làmh an Tighearna air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e ro Ahab, gus an tàinig e do Iesreel.

An sin dh’innis Samuel don t‑sluagh lagh na rìoghachd, agus sgrìobh e ann an leabhar e, agus thaisg e suas am fianais an Tighearna e: agus leig Samuel an sluagh uile air falbh, gach duine da thaigh.

Agus bha cogadh dian an aghaidh nam Philisteach rè uile làithean Shauil: agus nuair a chìtheadh Saul fear làidir sam bith no fear treun sam bith, ghabhadh e da ionnsaigh e.

Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan;

A‑nis uime sin èisd rin guth: gidheadh bheir thu gu cinnteach fianais nan aghaidh, agus cuiridh tu an cèill dhaibh lagh an rìgh a rìoghaicheas os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan