Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 8:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic nam britheamhan os cionn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Thug mi àithne dom bhràthair Hanani, agus Hananiah uachdaran na lùchairt, a‑thaobh Ierusaleim (oir bha e na dhuine fìrinneach, agus eagal Dhè air os cionn mhòrain);

Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon-bhreith.

Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, a mharcaich air deich-ar‑fhichead asal òg; agus bha deich-ar‑fhichead baile aca, air an tugadh Habhot-iair mar ainm gu ruig an là‑an‑diugh, a tha ann an tìr Ghilead.

Agus bha dà‑fhichead mac aige, agus deich-ar‑fhichead mac a mhac, a mharcaich air deich agus trì-fichead asal òg: agus thug e breith air Israel ochd bliadhna.

Sibhse a tha a’ marcachd air asail gheala, sibhse a tha nur suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh.

Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan