Agus ghabh Samuel uan deoghail, agus thug e suas e uile mar ìobairt-loisgte don Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearna airson Israeil, agus chuala an Tighearna e.
An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.
Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gobhar, an sin bidh e seachd làithean fo a mhàthair; agus on ochdamh là agus à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.
Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich.
Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.
Agus tog altair don Tighearna do Dhia air mullach na carraige seo, ann an òrdagh, agus gabh an dara tarbh, agus thoir suas ìobairt-loisgte le fiodh an doire a ghearras tu sìos.
Agus nuair a dh’èirich daoine a’ bhaile gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha altair Bhàail air a tilgeadh sìos, agus bha an doire a bha làimh rithe air a ghearradh sìos, agus bha an dara tarbh air ìobradh air an altair a thogadh.
Agus thèid thu sìos romhamsa gu Gilgal; agus, feuch, thèid mise sìos ad ionnsaigh, a thoirt suas thabhartasan-loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasan-sìth; seachd làithean fanaidh tu, gus an tig mise ad ionnsaigh, agus gun toir mi fios dhut ciod a nì thu.
Nach eil foghar a’ chruithneachd ann an‑diugh? Gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e a‑nuas tàirneanach agus uisge, a‑chum gun tuig agus gum faic sibh gu bheil ur n‑olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le rìgh iarraidh dhuibh fhèin.
Agus thubhairt Samuel, Cionnas a dh’fhalbhas mi? Oir cluinnidh Saul, agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt an Tighearna, Thoir agh leat, agus abair, A dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi.
Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.
Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e romhaibh: dèanaibh cabhag a‑nis, oir an‑diugh tha e air teachd don bhaile, oir tha ìobairt aig an t‑sluagh an‑diugh anns an ionad àrd.