Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt clann Israeil ri Samuel, Na sguir de ghlaodhaich ris an Tighearna ar Dia air ar son, a‑chum gun saor e sinn à làimh nam Philisteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh.

Air sgàth Shioin cha bhi mi am thosd, agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois; gus am bris a fìreantachd a‑mach mar sholas dealrach, agus a slàinte mar leus lasrach.

Ach mas fàidhean iad, agus ma tha facal an Tighearna maille riu, dèanadh iad a‑nis eadar-ghuidhe ri Tighearna nan sluagh, a‑chum nach rachadh na soithichean a tha air am fàgail ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem, gu Bàbilon.

Agus thubhairt iad ri Ieremiah am fàidh, Biodh ar n‑athchuinge, guidheamaid ort, taitneach ann ad làthair, agus dèan ùrnaigh air ar son ris an Tighearna do Dhia, eadhon airson an iarmaid seo uile (oir cha d’fhàgadh dhinn ach beagan de mhòran, mar tha do shùilean gar faicinn),

Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan