Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

Agus Midspah; oir thubhairt e, Dèanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, nuair a bhios sinn à làthair a chèile.

Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe.

Gidheadh, ma nì iad aithreachas nan cridhe anns an tìr dan tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo nam braighdean iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, rinn sinn gu h‑aingidh;

Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile.

Air an adhbhar sin thug thu thairis iad do làimh an naimhdean, a shàraich iad: agus ann an àm an airce ghlaodh iad riut, agus o na nèamhan chuala tu, agus ad mhòr-thròcair thug thu dhaibh luchd-saoraidh, a shaor iad à làimh an naimhdean.

A’ fanaid orm tha mo chàirdean; a‑chum Dhè tha mo shùil a’ taomadh dheur.

Oir ro mo bhiadh thig m’osnaich, agus taomar a‑mach mar uisge mo bhùireadh.

Amhaircidh e air daoine, agus ma their aon duine, Pheacaich mi, agus chlaon mi an nì a bha ceart, agus cha robh e a‑chum tairbhe dhomh;

Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Pheacaich sinn le ar n‑athraichean; rinn sinn gu h‑olc, rinn sinn gu h‑aingidh.

Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh.

Is iad mo dheòir as biadh dhomh a là agus a dh’oidhche, nuair a theirear rium gach là, Càit a bheil do Dhia?

Tha mi sgìth lem osnaich; rè na h‑oidhche tha mi a’ cur mo leapa air snàmh; lem dheòir tha mi ag uisgeachadh m’uirigh.

Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.

Gu deimhinn an dèidh dhomh a bhith air mo thilleadh, ghabh mi aithreachas; agus an dèidh dhomh a bhith air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha nàire orm, seadh fòs geur-amhluadh, a chionn gun do ghiùlain mi masladh m’òige.

Agus thàrladh ann an còigeamh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, anns an naoidheamh mìos, gun d’èigh iad trasg an làthair an Tighearna, an sluagh uile a bha ann an Ierusalem, agus an sluagh uile a thàinig o bhailtean Iùdah gu Ierusalem.

Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!

Tha mo shùilean air fàilneachadh le deòir; tha mo chom fo thrioblaid; dhòirteadh mo sgamhan air an talamh airson lèirsgrios nighean mo shluaigh; a chionn gu bheil a’ chlann bheag agus na naoidheanan a’ fannachadh ann an sràidean na cathrach.

Tha mo shùil a’ sileadh sìos gun chasgadh agus gun sgur.

Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn.

An tagair thusa as an leth, a mhic an duine, an tagair thu? Thoir orra gun aithnich iad gràinealachdan an athraichean;

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg;

Ma dh’aidicheas iad an aingidheachd fhèin, agus aingidheachd an athraichean, a rèir an easaontais a rinn iad am aghaidh, agus mar an ceudna gun do ghluais iad am aghaidh;

Eiridh mi, agus thèid mi a dh’ionnsaigh m’athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa.

Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah,

Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, ag ràdh, Pheacaich sinn ad aghaidh, an dà chuid a chionn gun do thrèig sinn ar Dia, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim.

Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan-sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh.

Agus nuair a labhair aingeal an Tighearna na briathran sin ri cloinn Israeil uile, thog an sluagh suas an guth, agus ghuil iad.

(Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.)

Agus chaidh clann Israeil uile agus an sluagh uile suas, agus thàinig iad gu taigh Dhè, agus ghuil iad, agus shuidh iad an sin am fianais an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin gu feasgar, agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìthe am fianais an Tighearna.

Agus bha spiorad an Tighearna air, agus thug e breith air Israel, agus chaidh e a‑mach a chogadh: agus thug an Tighearna thairis da làimh Cusan-risataim, rìgh Mhesopotamia; agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan-risataim.

Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Chan eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tùirseach am spiorad; aon chuid fìon no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi a‑mach m’anam an làthair an Tighearna.

Agus ghairm Samuel an sluagh ri chèile a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh;

Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.

Agus thug Samuel breith air Israel rè uile làithean a bheatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan