Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chuir clann Israeil air falbh Bàalim agus Astarot, agus rinn iad seirbhis don Tighearna a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do shleuchd iad do Astarot, ban-dia nan Sìdonach, do Chemos, dia nam Mòabach, agus do Mhilcom, dia chloinn Amoin, agus nach do ghluais iad ann am shlighean-sa, a dhèanamh an nì a tha ceart am shùilean, agus a ghleidheadh mo reachdan agus mo bhreitheanais mar a rinn Daibhidh a athair.

Oir chaidh Solamh an dèidh Astaroit, ban-dia nan Sìdonach, agus an dèidh Mhilcoim, gràinealachd nan Amonach.

Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm;

Os bàrr, an altair a bha aig Betel, agus an t‑àit àrd a rinn Ierobòam mac Nebait, a thug air Israel peacachadh, araon an altair agus an t‑àit àrd; agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus loisg e an doire.

Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair.

Their Ephraim, Ciod mo gnothach-sa tuilleadh ri iodhalan? Chuala mise e; agus thug mi fa‑near e; is cosmhail mi ri crann uaine giuthais; uamsa tha do thoradh ra fhaotainn.

Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim.

Agus thrèig iad an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàal agus do Astarot.

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.

Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus nì mise ùrnaigh air ur son ris an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan