Agus thog e an sin altair, agus thug e El‑betel mar ainm air an àite; do bhrìgh ann an sin gun d’fhoillsich Dia e fhèin dha, nuair a theich e o ghnùis a bhràthar.
Agus bha i a chòmhnaidh fo chraoibh-phailme Dheborah, eadar Ramah agus Betel, ann an sliabh Ephraim: agus chaidh clann Israeil suas da h‑ionnsaigh airson breitheanais.
Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah-salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach.
Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.
Agus chaidh an sluagh uile gu Gilgal, agus rinn iad Saul an sin na rìgh am fianais an Tighearna ann an Gilgal; agus dh’ìobair iad an sin ìobairtean thabhartas-sìthe am fianais an Tighearna: agus rinn Saul an sin agus fir Israeil uile gàirdeachas mòr.
A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.
Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e romhaibh: dèanaibh cabhag a‑nis, oir an‑diugh tha e air teachd don bhaile, oir tha ìobairt aig an t‑sluagh an‑diugh anns an ionad àrd.