Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh e o bhliadhna gu bliadhna mun cuairt gu Betel, agus Gilgal, agus Mispeh, agus thug e breith air Israel anns na h‑àitean sin uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs.

Mar sin thàinig Iàcob gu Luds, a tha ann an tìr Chanàain, eadhon Betel, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris.

Nuair a ghlacas mi an t‑àm suidhichte, bheir mi breith le ceartas.

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Ach na h‑iarraibh Betel, agus na rachaibh a‑steach gu Gilgal, agus na siùbhlaibh thairis gu Beer-sèba: oir thèid Gilgal gu deimhinn ann am braighdeanas, agus thig Betel gu neoni.

Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah,

Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Air an là‑an‑diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h‑Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an là‑an‑diugh.

Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, a mharcaich air deich-ar‑fhichead asal òg; agus bha deich-ar‑fhichead baile aca, air an tugadh Habhot-iair mar ainm gu ruig an là‑an‑diugh, a tha ann an tìr Ghilead.

Agus bha dà‑fhichead mac aige, agus deich-ar‑fhichead mac a mhac, a mharcaich air deich agus trì-fichead asal òg: agus thug e breith air Israel ochd bliadhna.

Sibhse a tha a’ marcachd air asail gheala, sibhse a tha nur suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh.

Agus ghairm Samuel an sluagh ri chèile a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh;

An sin thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Thigibh, agus rachamaid do Ghilgal, agus ath-nuadhaicheamaid an sin an rìoghachd.

Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus nì mise ùrnaigh air ur son ris an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan