Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Samuel breith air Israel rè uile làithean a bheatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Gidheadh thog an Tighearna suas britheamhan, a shaor iad à làimh na muinntir sin a chreach iad.

Agus thubhairt Samuel ri Israel uile, Feuch, dh’èisd mi ri ur guth anns gach nì a thubhairt sibh rium, agus rinn mi rìgh os ur cionn.

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.

Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.

Agus chaidh e o bhliadhna gu bliadhna mun cuairt gu Betel, agus Gilgal, agus Mispeh, agus thug e breith air Israel anns na h‑àitean sin uile.

Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan