Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh na bailtean a ghlac na Philistich o Israel air an ais do Israel, o Ecron eadhon gu Gat; agus shaor Israel an crìochan à làimh nam Philisteach; agus bha sìth eadar Israel agus na h‑Amoraich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.

Cha do sgrios iad na slòigh mun tug an Tighearna àithne dhaibh.

Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:

Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh.

Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.

Gidheadh theich Sisera da chois gu bùth Iaeil, bean Hebeir an Ceneach; oir bha sìth eadar Iabin rìgh Hasoir agus taigh Hebeir an Ceneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan