Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad: agus ghlac Daibhidh Metegamah à làimh nam Philisteach.

Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna; agus thug an Tighearna thairis iad do làimh nam Philisteach dà‑fhichead bliadhna.

Oir, feuch, fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac; agus cha tig ealtainn sam bith air a cheann: oir bidh an leanabh na Nàsarach do Dhia on bhroinn; agus tòisichidh e air Israel a shaoradh à làimh nam Philisteach.

Mar seo chìosnaicheadh Midian ro chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna ann an làithean Ghideoin.

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.

Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan