Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben-eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thug Abrahàm Iehòbhah-Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e.

Agus chuir Iàcob suas carragh anns an àit anns an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt e ola air.

O Dhè, theagaisg thu mi om òige, agus gu ruige seo chuir mi d’obraichean iongantach an cèill.

Leatsa chumadh mise suas on bhroinn; à innibh mo mhàthar bhuin thu mi; ortsa bidh mo mholadh an còmhnaidh.

Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah-Nisi mar ainm oirre;

Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh aig a crìch don Tighearna.

Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;

Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;

Agus chuir Iosua suas dà‑chloich-dheug am meadhon Iòrdain, anns an ionad anns an do sheas casan nan sagart a ghiùlain àirc a’ choicheangail: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.

Agus thog Saul altair don Tighearna. B’i sin a’ chiad altair a thog e don Tighearna.

Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben-eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.

Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben-eser gu Asdod.

Agus chaidh fir Israeil a‑mach à Mispeh, agus ruaig iad na Philistich, agus bhuail iad iad, gus an tàinig iad fo Bhet-car.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan