Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 6:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin dèanaibh feun nodha, agus gabhaibh dà mhart-bhainne, air nach deachaidh cuing: agus ceanglaidh sibh na mairt ris an fheun, agus bheir sibh an laoigh dhachaigh uapa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chuir iad àirc Dhè air feun nodha, agus thug iad i à taigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mic Abinadaib, am feun nodha maille ri àirc Dhè.

Agus ghiùlain iad àirc Dhè air feun nodha o thaigh Abinadaib, agus dh’iomain Usa agus Ahio am feun.

Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, iad a thoirt ad ionnsaigh agh ruadh gun ghaoid, air nach eil smal, agus nach robh riamh fo chuing.

Agus tàrlaidh gun gabh am baile as fhaisge don duine a mharbhadh, eadhon seanairean a’ bhaile sin, agh leis nach do rinneadh obair, nach do tharraing riamh ann an cuing;

Agus bheir seanairean a’ bhaile sin an t‑agh sìos do ghleann garbh, nach do threabhadh agus nach do shìol-chuireadh, agus gearraidh iad an sin amhach an aighe dhith anns a’ ghleann;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan