Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 6:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin nì sibh dealbhan ur neasgaidean, agus dealbhan ur luchan, a tha a’ milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gun aotromaich e a làmh dhibh, agus de ur diathan, agus de ur tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna urram agus neart.

Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.

Cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh; strìochdaidh coigrich dhomh.

Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah.

Tog dhìom do bhuille; le beum do làimhe chlaoidheadh mi.

Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut.

Oir thèid mise tro thìr na h‑Eiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna.

Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do làmh led shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannan dol suas air talamh na h‑Eiphit.

Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean.

Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.

A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth-sa, deir an Tighearna.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian-chorraich, air chor is nach bàsaich sinn?

Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm-sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim.

(Oir dh’adhlaic na h‑Eiphitich an ciad-ghin uile, a bhuail an Tighearna nam measg: air an diathan mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas an gnìomh.)

Air an adhbhar sin ghairm iad an dara uair an duine a bha dall, agus thubhairt iad ris, Thoir glòir do Dhia: tha fhios againn gur peacach an duine seo.

Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.

Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.

Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.

Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair.

Agus gabhaidh sibh àirc an Tighearna, agus cuiridh sibh i air an fheun; agus cuiridh sibh na seudan òir, a dh’ìocas sibh dha mar thabhartas-easaontais, ann an cobhan ra taobh; agus cuiridh sibh air falbh i, a‑chum gun imich i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan