1 Samuel 6:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ghairm na Philistich air na sagartan agus air na fiosaichean, ag ràdh, Ciod a nì sinn ri àirc an Tighearna? Thugaibh fios dhuinn cionnas a chuireas sinn air falbh i da h‑àite fhèin. Faic an caibideil |
Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.