Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 6:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bhuail e daoine Bhet-semeis, a chionn gun do sheall iad air àirc an Tighearna; bhuail e eadhon den t‑sluagh trì-fichead agus deichnear fhear: agus rinn an sluagh caoidh, do bhrìgh gun do bhuail an Tighearna cuid den t‑sluagh le plàigh mhòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè.

Uime sin chaidh Iòas rìgh Israeil suas, agus chunnaic e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.

Agus nuair a chuala an sluagh an droch sgeul seo, rinn iad bròn; agus cha do chuir duine sam bith air a bhrèaghachd.

Agus nuair a bhios am pàillean gu dol air aghaidh, leagaidh na Lèbhithich a‑nuas e: agus nuair a bhios am pàillean ra shuidheachadh, togaidh na Lèbhithich suas e: agus cuirear an coigreach a thig am fagas gu bàs.

Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.

Na gearraibh as treubh teaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lèbhitheach.

Ach cha tèid iad a‑steach a dh’fhaicinn nuair a chòmhdaichear na nithean naomha, air eagal gum faigh iad bàs.

Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo.

Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;

Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas-umhail do shoisgeul Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan