Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 6:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig am feun gu achadh Iosua, am Bet-semeseach, agus sheas e an sin, far an robh clach mhòr; agus sgoilt iad fiodh an fheuna, agus thug iad suas na mairt nan ìobairt-loisgte don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Agus thubhairt Araunah ri Daibhidh, Gabhadh agus ìobradh mo thighearna an rìgh an nì sin a bhios math na shùilean: feuch, tha buar an seo a‑chum ìobairt-loisgte, agus innealan-bualaidh, agus acfhainn eile a bhuineas don bhuar airson connaidh.

Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte, agus ìobairtean-sìth: agus bha an Tighearna rèidh ris an tìr, agus chaisgeadh a phlàigh o Israel.

Agus thill e uaithe, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfhainn nan damh bhruith e am feòil, agus thug e don t‑sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’èirich e, agus chaidh e an dèidh Eliah, agus fhritheil e dha.

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Agus air an là màireach dh’èirich an sluagh gu moch, agus thog iad an sin altair, agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìthe.

Agus tog altair don Tighearna do Dhia air mullach na carraige seo, ann an òrdagh, agus gabh an dara tarbh, agus thoir suas ìobairt-loisgte le fiodh an doire a ghearras tu sìos.

Agus, feuch, thàinig Saul an dèidh a’ bhuair as a’ mhachair; agus thubhairt Saul, Ciod a thàinig air an t‑sluagh, gu bheil iad a’ gul? Agus dh’innis iad dha sgeul dhaoine Iabeis.

Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, guidheam ort, oir tha ìobairt aig ar teaghlach anns a’ bhaile; agus dh’àithn mo bhràthair dhomh a bhith an sin: agus a‑nis, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhràithrean fhaicinn: uime sin cha tàinig e gu bòrd an rìgh.

Agus bha muinntir Bhet-semeis a’ buain an cruithneachd anns a’ ghleann; agus thog iad suas an sùilean, agus chunnaic iad an àirc, agus rinn iad gàirdeachas nuair a chunnaic iad i.

Agus na luchan òir, a rèir àireamh uile bhailtean nam Philisteach a bhuineadh do na còig tighearnan, araon bhailtean daingnichte agus bhailtean gun bhalla, eadhon gu ruig a’ chlach mhòr, air an do chuir iad sìos àirc an Tighearna, clach a tha an làthair gus an là‑an‑diugh ann an achadh Iosua, am Bet-semeseach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan