Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 6:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir iad àirc an Tighearna air an fheun, agus an cobhan leis na luchan òir, agus dealbhan an neasgaidean fala.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir iad àirc Dhè air feun nodha, agus thug iad i à taigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mic Abinadaib, am feun nodha maille ri àirc Dhè.

Agus ghiùlain iad àirc Dhè air feun nodha o thaigh Abinadaib, agus dh’iomain Usa agus Ahio am feun.

Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.

Agus rinn na daoine mar sin; agus ghabh iad dà mhart-bhainne agus cheangail iad ris an fheun iad, agus dhruid iad an laoigh a‑staigh:

Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet-semeis; air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a lethtaobh a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach nan dèidh gu crìch Bhet-semeis.

An sin thubhairt iad, Ciod an tabhartas-easaontais a dh’ìocas sinn dha? Agus fhreagair iadsan, Còig neasgaidean òir, agus còig luchan òir, a rèir àireamh tighearnan nam Philisteach; oir bha aon phlàigh oirbh uile, agus air ur tighearnan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan