Agus thubhairt e ris, Tha fhios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a tha maille rium trom le àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon là, gheibh an treud uile bàs.
Agus air an t‑seachdamh uair thubhairt e, Feuch, tha neul beag cosmhail ri bois duine ag èirigh as an fhairge. Agus thubhairt e, Falbh suas, abair ri Ahab, Ullaich do charbad, agus gabh sìos, a‑chum nach bac an t‑uisge thu.
Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.