Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Oir da‑rìribh bha làmh an Tighearna nan aghaidh, gu an sgrios o mheasg an t‑sluaigh, gus an do chlaoidheadh iad.

Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh-se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.

Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh-ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.

Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan.

Agus chuir iad àirc an Tighearna air an fheun, agus an cobhan leis na luchan òir, agus dealbhan an neasgaidean fala.

Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan