1 Samuel 5:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat. Faic an caibideil |
An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean-sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach.
Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.