Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 5:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic daoine Asdoid gu robh e mar sin, thubhairt iad, Chan fhan àirc Dia Israeil maille rinne; oir tha a làmh trom oirnn agus air Dàgon ar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh-sa?

Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearna ar Dia briseadh oirnn, do bhrìgh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach.

Agus thubhairt seirbhisich Phàraoh ris, Cia fhada a bhios an duine seo na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, a‑chum gun dèan iad seirbhis don Tighearna an Dia: nach eil fhios agad fhathast gu bheil an Eiphit air a milleadh?

Agus thug na h‑Eiphitich dian-sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir.

Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.

Thubhairt Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, smachdaichidh mise Amon, No, agus Phàraoh, agus an Eiphit, agus a diathan, agus a rìghrean; eadhon Phàraoh agus iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

Oir a chionn gun d’earb thu à do mhaoin, agus à d’ionmhasan, air an adhbhar sin bidh tu fhèin fòs air do ghlacadh: agus thèid Chemos air falbh ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.

Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.

Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat.

Agus thubhairt daoine Bhet-semeis, Cò as urrainn seasamh an làthair an Tighearna, an Dia naomh seo? Agus cò a dh’ionnsaigh an tèid i suas uainne?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan