Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus chan aithnichear am pailteas anns an tìr, airson na gorta a leanas, oir bidh i ro‑throm.

Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt?

Coileanaidh e miann na dream don eagal e, agus èisdidh e rin glaodh, agus saoraidh e iad.

Togaidh an Tighearna suas na daoine ciùine; tilgidh e sìos na h‑aingidh gu làr.

Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah.

Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh.

Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann.

Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.

Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.

Agus nuair a chunnaic daoine Asdoid gu robh e mar sin, thubhairt iad, Chan fhan àirc Dia Israeil maille rinne; oir tha a làmh trom oirnn agus air Dàgon ar Dia.

Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan