Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile a tha a’ leum air an stairsnich, a tha a’ lìonadh taighean am maighistirean le ainneart agus le ceilg.
Agus thubhairt ceannard sluagh an Tighearna ri Iosua, Fuasgail do bhròg bhàrr do choise, oir tha an t‑ionad air a bheil thu ad sheasamh, naomh. Agus rinn Iosua mar sin.
Agus dh’èirich a tighearna anns a’ mhadainn, agus dh’fhosgail e doras an taighe, agus chaidh e a‑mach gu imeachd air a shlighe: agus, feuch, bha a’ bhean, a choileabach, air tuiteam sìos aig doras an taighe, agus a làmhan air an stairsnich.