Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’èirich muinntir Asdoid gu moch air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus ghabh iad Dàgon, agus chuir iad a‑rìs e na àite fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad.

Tha làmhan aca, ach cha làimhsich iad; casan aca, ach chan imich iad; agus cha labhair iad tro an sgòrnan.

Bidh amhluadh orrasan uile a nì seirbhis do dhealbhan snaidhte, a nì uaill à iodhalan; sleuchdaibh dha, a dhiathan uile.

Oir thèid mise tro thìr na h‑Eiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna.

Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

Am fear aig nach eil fiù tabhartais, taghaidh e mìr fiodha nach grod; iarraidh e a‑mach dha fhèin fear-obrach seòlta, a chuireas an uidheam dealbh snaidhte nach tèid a ghluasad.

Mar sin thug an saor misneach don òr‑cheard; esan a mhìnicheas leis an òrd, don fhear a bhuaileas air an innein, ag ràdh, Tha e ullamh a‑chum a thàthadh; agus dhaingnich e le tàirngean e, air chor is nach gluaiste e.

Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.

Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais.

Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.

Agus na spioradan neòghlan, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè.

Agus bha àirc an Tighearna ann am fearann nam Philisteach seachd mìosan.

Uime sin nì sibh dealbhan ur neasgaidean, agus dealbhan ur luchan, a tha a’ milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gun aotromaich e a làmh dhibh, agus de ur diathan, agus de ur tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan