Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na daoine nach do bhàsaich bhuaileadh iad le neasgaidean fala; agus chaidh èigheach a’ bhaile suas gu nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus tachraidh, esan a thèid as o chlaidheamh Hasaeil, gum marbh Iehu e; agus esan a thèid as o chlaidheamh Iehu, gum marbh Elisa e.

Agus dh’èirich Phàraoh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich uile, agus na h‑Eiphitich uile; agus bha èigheach mhòr anns an Eiphit: oir cha robh taigh anns nach robh neach marbh.

Tha Iùdah ri bròn, dh’fhàs a geatachan lag; tha iad duaichnidh air an làr; agus tha gaoir Ierusaleim air dol suas.

Togaibh gaoir bhròin, a bhuachaillean, agus èighibh, agus aornaganaibh sibh fhèin ann an luaithre, sibhse as urramaiche den treud, a chionn gu bheil làithean ur marbhaidh agus ur sgapaidh air an coileanadh; agus tuitidh sibh mar shoitheach luachmhor.

Tha fuaim èighich o Horonaim, milleadh agus àr mòr.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Agus bha àirc an Tighearna ann am fearann nam Philisteach seachd mìosan.

Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan