Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 5:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben-eser gu Asdod.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid;

Anns a’ bhliadhna anns an tàinig Tartan gu Asdod, nuair a chuir Sargon rìgh Asiria a‑mach e, agus a chog e an aghaidh Asdoid agus a ghlac e e;

Cuiribh an cèill anns na lùchairtean an Asdod, agus anns na tallachan an tìr na h‑Eiphit, agus abraibh, Cruinnichibh sibh fhèin air slèibhtean Shamaria; agus feuchaibh an t‑ioma-luasgadh mòr a tha na meadhon, agus iadsan a tha air an sàrachadh innte.

Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.

Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad.

O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich:

Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben-eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.

Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs.

Agus thubhairt i, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel; oir ghlacadh àirc Dhè.

Agus bha àirc an Tighearna ann am fearann nam Philisteach seachd mìosan.

An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben-eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan