Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nuair a chluinneas na cinnich bidh eagal orra; thig doilgheas air luchd-àiteachaidh Phailistìna.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

Agus bha eagal air na Philistich, oir thubhairt iad, Tha diathan air teachd don champ: agus thubhairt iad, Mo thruaighe sinne! oir cha robh a leithid seo de nì riamh roimhe ann:

Bithibh làidir, agus bithibh fearail, O sibhse Philistich, a‑chum nach bi sibh nur tràillean aig na h‑Eabhraidhich, mar a bha iadsan nan tràillean agaibhse: bithibh matà fearail, agus cogaibh.

Agus nuair a chunnaic daoine Asdoid gu robh e mar sin, thubhairt iad, Chan fhan àirc Dia Israeil maille rinne; oir tha a làmh trom oirnn agus air Dàgon ar Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan