Agus bha eagal air na Philistich, oir thubhairt iad, Tha diathan air teachd don champ: agus thubhairt iad, Mo thruaighe sinne! oir cha robh a leithid seo de nì riamh roimhe ann:
Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.
Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?
Agus chuala na Philistich fuaim na h‑iolaich, agus thubhairt iad, Ciod as ciall do fhuaim na h‑iolaich mhòir seo ann an camp nan Eabhraidheach? Agus thuig iad gu robh àirc an Tighearna air teachd don champ.
Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.